Blog Feeds
Anti-Empire
The SakerA bird's eye view of the vineyard
Public InquiryInterested in maladministration. Estd. 2005
Voltaire NetworkVoltaire, international edition
|
Fermin Muguruza's support for Egunkaria causes a scandal at Spanish Music Awards![]() ![]() ![]() ![]() The only newspaper In the Basque language was closed by the Spanish Fascist regime Fermin Muguruza Basque rock singer was booed and hissed at last Thursday by most of the people present at the Spanish Music Awards, in Madrid. At a gala where almost all the winners and presenters were eager to express their opposition to the war against Irak Muguruza dedicated his prize to "all the Egunkaria workers" and editor Martxelo Otamendi, who was present. Muguruza highlighted Egunkaria "as a victim of the global war", but Spanish musicians' sympathy begins and ends in the Middle East. During the press conference after the awards, Muguruza was accused by journalists of supporting violence in the Basque Country. Muguruza said he didn't agree with ETA's violence and added that his only armament is music. Back in the Basque Country, the former singer of Kortatu and Negu Gorriak expressed his satisfaction to Egunero. Even if most of the people there booed me, we received solidarity from others and we fulfilled our objective: to bring Egunkaria's case to the forefront. Muguruza, whose last album is on sale this weekend with Egunero was interviewed last Friday by Egunero, Egunkaria's substitute. All the money will go to the new project. Tha dùnadh Egunkaria , an aon phàipear-naidheachd ann am Basgais ann an Dùthaich nam Basgach, le òrdugh britheamh spàinneach air dearg chathadh a chur air daoine air feadh na Spàinne, ach gu h-àraid ann an dùthchannan nam Basgach is nan Catalanach. Tha iomadh pàrtaidh poiliotaigeach, buidheann agus comann a' cur an cèill gum bheil dragh orra agus tha an gnothach seo air fianaisean a thogail 'na aghaidh gu h-àraid am measg chomainn agus aonaidhean luchd-naidheachd. Dh'eughadh sluagh-ghairm ana-mhòr ann an sràidean Donostia (San Sebastián) DiSathairne gus fianais a thogail an aghaidh dùnadh a' phàipeir-naidheachd. Chuir Kontseilua, Comhairle nan Comann Sòisealta an Taic ris a' Bhasgais, an sluagh-ghairm air chois agus chruinnich luchd-taice 'nan deich-mhìltean a' gairm "Egunkaria aurrera, Euskarari bai!" (Beir buaidh Egunkaria, Ar Taic-ne dhan Bhasgais). A-rèir Xabier Mendiguren, fear-labhairt Khontseilua, tha suidheachadh cugallach ann as dèidh dùnadh a' phàipeir. Chuir e ìmpidh air gach aon phàrtaidh phoiliotaigeach an "tusaidean poiliotaigeach a chur gu taobh is èirich ceart còmhla gus cànan agus cultar nam Basgach a dhìonadh". Bha na daoine a' gairm air son nan deichnear stiùireadairean is luchd-stiùiridh Egunkaria a chuireadh an glais a leigeal mu sgaoil. Ghabh triùir mhinisteirean Riaghaltas nam Basgach pàirt anns an t-sluagh-ghairm. Thuirt an ceannard Basgach, Juan José Ibarretxe, gur h-e 'ceum às an t-sreath' a bha anns an dùnadh bhreitheach Euskaldunon Egunkaria seo fhad is a bha an pàrtaidh aige, am Pàrtaidh Nàiseanta nam Basgach (EAJ/PNV) a tha a' riaghladh, a' sgaoileadh aithris a tha ag ràdh gum bheil an co-dhunadh seo a' dearbhadh gur h-e 'Stàit oil-smachdach' a tha anns an Spàinn. Aig an aon àm, chaidh aig luchd-obrach agus luchd-naidheachd Euskaldunon Egunkaria pàipear ùr a fhoillseachadh air am bheil Egunero. Rèic iad 50,000 lethbhreac a' chiad latha ged nach dèid rèicean àbhaisteach a' phàipeir dùinte thairis air 13,000 lethbhreac. Rèic iad 75,000 lethbhreac DiSathairne is dh'àrdaich seo suas gu 100,000 lethbhreac DiDòmhnaich. Tha seo a' toirt fianais air cùram sòisealta is dlùth-chomann a tha na Basgaich a' sealltainn san gnothach seo. Bha iomadh duine a' tighinn a-mach a thoirt fianais ann an Catalòinia cuideachd. Dh'fhoillisch gach aon phàrtaidh ach am pàrtaidh seann ràitheach, am Partido Populár (PP), aithrisean an aghaidh dùnadh Euskaldunon Egunkaria. Fhuair co-dhunadh a' bhritheimh dìteadh bho dà chomann luchd-naidheachd neo-eisimeileach catalanach, Gaziel agus Grup Barnils agus bha iad a' tagairt air fosgladh a' phàipeir anns a' bhad. Thuirt Joan Puigcercós, ball Còmhdhail na Spàinne air son ERC (Làimh Chlì Phoblachdail Chatalanach, neo-eisimeileachdach) gur h-e 'eucoir an aghaidh saorsa cainnte' a tha sa dhùnadh a' phàipeir-naidheachd. Bha e a' tagairt air a' bhritheimh a 'chur an aghaidh daoine fa leth gun a bhith a' cur an aghaidh nam meadhanan'. Is e am PP a tha bonn-stèidhichte ann am Madrid agus am PSOE sòisealach na h-aon phàrtaidhean a bha a' cur taic ri co-dhunadh a' bhritheimh. Thuirt ministeir an taoibh a-staigh na Spàinne, Angel Acebes, gur h-e iomairt air son a' chànain Bhasgaich a bha ann an da-rìreabh oir 'cha chleachd ETA an cànan seo a-rithist gu bràch gus an amasan a bhrosnachadh" a-rèir esan. Bha poiliotaigearan spàinneach eile a' cleachdadh briathrachas gu math coltach ris-san, ged a bha feadhainn dhe na sòisealaich ag iarraidh air a' bhritheamh crìoch a chur air a obair gu luath gun urrainn do dh'Euskaldunon Egunkaria fosgladh a-rithist cho luath is a ghabhas. Chuir Aonadh Co-Nasgadh Luchd-Naidheachd na Spàinne ann am Madrid aithris a-mach a' cur an cèill gun robh 'dragh' orra mu dhùnadh a' phàipeir is suidheachadh an luchd-obrach. A bharrachd air seo, sgrìobh feadhainn dhe na meadhanan spàinneach mar am pàipear El Mundo agus El País faclan-deasachaidh tàireil agus thuirt iad gun deach saorsa cainnte air a mhilleadh. Tha seo ag aontachadh le freagairtean bho ìre na Roinn Eòrpa: Tha Oifis Mhion-Chànain na Roinn Eòrpa (OIME) a' coimhead air an dùnadh seo mar 'ionnsaigh gheur an aghaidh an dà chuid saorsa cainnte agus cànan nam Basgach' agus gun robh seo 'gun iomchaidh sam bith ann an sluagh-fhlaitheas'. Thuirt ceannard OIME, Bojan Brezigar gum bheil 'còir chànanach aig poball air pàipear-naidheachd 'na chànan màthaireil fhèin is gu h-àirid aig slòigh nam mion-chànan'. Bha ceannard comann pàipearan làitheil nam mion-chànan (MIDAS), Toni Ebner, ag ràdh nach eil "cead aig stàit sam bith glas-ghuib a chur air na luchd-naidheachd" agus thuirt e cuideachd gum bheil seo, a thoirt ionnsaigh air oifis dheasachaidh leis a' phoileas, a chur am prìosan deasaichean agus luchd-rianachd agus casg a chur air goireas nam meadhanan luchd-mhionchanain dìreach air bunait amharais, a' cur 'nur cuimhne na ràithean as dorcha ann an eachdraidh na Spàinne is na Roinn Eòrpa. Chuir BPE Michl Ebner (Peoples Party) ceist sgrìobhte a-steach mu dhèidhinn dùnadh Euskaldunon Egunkaria. Tha e a' tagairt air Coimisean na Roinn Eòrpa sgrùdadh a dhèanamh feuch am bheil 'dùnadh iomlan pàipeir-naidheachd air bunait amharais a bhith a' toirt taic do dh'iomairtean ceannairceach ceadaichte agus riochdmhor.
|